<p>Nuair a dh'fhoillsich e <em>The Time Machine</em> ann an 1895 chruthaich H. G. Wells gnè ficsein ùr sa Bheurla. Shoirbhich le Wells gu mòr na sgrìobhadair gu ìre mar thoradh air a' chliù a choisinn e airson <em>The Time Machine</em>.</p><p>'S e sgeul-frèam a th' anns an leabhar. Aig toiseach ghnothaichean èistidh ar neach-aithris ri mìneachaidhean saidheansail (nach tuig e) bhon phrìomh phearsa nach eil ainmichte uair sam bith san leabhar. 'S e an Siùbhlaiche-tìme a th' aig an neach-aithris air a' charactar èasgaidh seo. Nuair a chanas an Siùbhlaiche-tìme gu bheil e air inneal a dhealbhadh a tha comasach air triall air ais 's air adhart tro thìm cha chreid an luchd-èisteachd idir e. Ach an ath uair a choinnicheas a' bhuidheann aig taigh an t-Siùbhlaiche-tìme cluinnidh iad sgeulachd a dh'fhàgas e doirbh dhaibh a bhith cho cinnteach.</p><p>Seo a' chiad uair a chuireadh Gàidhlig air an nobhail. San eagran seo gheibhear aiste fhada a tha a' mìneachadh cuid de na dùbhlain a tha an sàs anns a leithid de dh'obair.</p><p>Tha Moray Watson na àrd-ollamh ann an Oilthigh Obar Dheathain far am bi e a' teagasg agus a' rannsachadh an dà chuid Gàidhlig agus Eadar-theangachadh. Ann an 2012 dh'fhoillsich Evertype an tionndadh Gàidhlig aige den nobhail <em>Alice's Adventures in Wonderland.</em> Dh'eadar-theangaich e <em>The Hobbit</em> a chuireadh an clò le Evertype a-rithist ann an 2025. A-nis tha e ag eadar-theangachadh <em>A Study in Scarlet</em> a thèid fhoillseachadh le Follais ann an 2026.</p>
Piracy-free
Assured Quality
Secure Transactions
Delivery Options
Please enter pincode to check delivery time.
*COD & Shipping Charges may apply on certain items.